Bàrd

'S e bàrd cuideigin a sgrìobhas bàrdachd.

Carl Spitzweg: „Am Bàrd bochd“ (1839)

Seann-rian nam bàrddeasaich

Ann an seann-chultar nan Gàidheal, bha diofar rangachaidhean de bhàird ann agus b' iad na bàird an rangachadh as ìsle dhiubh o shean, an fheadhainn aig an robh as lugha de sgoil . Bhiodh filidh a' tòiseachadh san t-seachdamh rang mar fhochloc agus a' dol air adhart rang gach bliadhna 's e air barrachd sgoil fhaighinn ann.

Tha na rangan seo ainmichte san làmh-sgrìobhainn Uraicecht na Ríar:

Cis lir gráda filed? Ní ansae: a secht: ollamh, ánruth, clí, cano, dos, macfuirmid, fochloc
Na rangan as urramaich - na filidhean (Seann-Ghàidhlig: filed)
Seann-GhàidhligGàidhligGàidhlig na h-Èireann
1. ollam (meadrachd: anamain)ollamhollamh
2. ánruthànradhánradh (bairdne)
3. clí (meadrachd: anair)clìclí
4. cano/cana ('cuilean')canocano
5. dos (meadrachd: laid)dosdos
6. macfuirmidMacFhuirmidhMac Fhuirmidh
7. fochloc (meadrachd: dian)FochlagFochlag

Bha 18 rangan de bhàird ann, 8 dhiubh am measg nan saor-bhàrd agus 8 eile am measg nan daor-bhàrd.

Bàird ainmeil na Gàidhligdeasaich